Kathleen MacInnes Kathleen MacInnes - A Mhic Iain 'Ic Sheumais

A Mhic Iain 'ic Sheumais
Tha do sgeul air m' aire
Air farail ail eò, air farail ail eò
Latha Blàr a' Chèithe
Bha feum air mo leanabh
Hi hò hi ri a bho hi èileadh
Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

Latha Blàr na Fèitheadh
Bha do lèine ballach
Air farail ail eò, air farail ail eò
Bha fuil do chuirp uasail
Air uachdar an fhearainn
Hi hò hi ri a bho hi èileadh
Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

Bha mi fhìn ga sùghadh
Gus na thùch air m' anail
Air farail ail eò, air farail ail eò
Bha 'n saighead na spreòd
'N corp seòlta na glaine
Hi hò hi ri a bho hi èileadh
Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

Bu cheannard ron t-sluagh thu
Dol suas thro thìr aineoil
Air farail ail eò, air farail ail eò
Cha do ghabh thu 'm bristeadh
Làmh leigeadh a faladh
Hi hò hi ri a bho hi èileadh
Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

On latha thug thu 'n cuan ort
Bha gruaim air na beannaibh
Air farail ail eò, air farail ail eò
Bha snigh' air na speuraibh
'S bha na reulta galach
Hi hò hi ri a bho hi èileadh
Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

'S càirdeach a Rìgh Leòdhais
Mo leòmhann glan, uasal
Air farail ail eò, air farail ail eò
Mu Mhac Iain 'ic Sheumais
Duine treubhach, smiorail
Hi hò hi ri a bho hi èileadh
Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o