Karen Matheson Karen Matheson - Puirt a Beul

I bhì à dà, ù à iodailean;
I bhì à dà, adail iodail ù-an.

Ciamar a ruidhleas mo nighean
's dithis às a'rathad oirre?
Ciamar a ruidhleas mo nighean,
's ceathrair air an ùrlar.

's ioma rud a chunna mi,
's ioma rud a rinn mi;
's ioma rud a chunna mise
A-muigh air feadh na h-oidhche.

Chunna mi na cudaigean,
Na cudaigean, na cudaigean;
Chunna mi na cudaigean
A'cluich air allt na muilleadh.

Chunna mi na piseagan,
Na piseagan, na piseagan;
Chunna mi na piseagan,
Air spiris bean an t-saighdeir.